Mar Deidhinn

Is e buidheann ùr a th’ ann an Guth nan Siarach, le inbhich à bailtean Taobh Siar Leòdhais, aon de na h-àitichean air a Ghàidhealtachd far a bheil an t-àireamh as motha de luchd labhairt na Gàidhlig bho thùs. Tha sinn a’ seasamh ar còirichean mar dhaoine aig an robh a’ Ghàidhlig bho thùs, a dh’ionnsaich i aig a’ ghlùin.

Tha atharrachaidhean mòr air a thighinn air ar saoghal sna fichead bliadhna mu dheireadh, cuid a thàinig gun fhiosta agus gun chead. Tha an rannsachadh a rinn Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean  The Gaelic Crisis in the Vernacular Community (O’ Giollagain et al, 2020) air dearbhadh dhuinn gu bheil a’ Ghàidhlig an uchd a’ bhàis mar chànan coimhearsnachd, a dh’ aindeoin an àireamh de dhaoine a thog an cànan aig a’ ghlùin.    

Tha sinn a-nis a’ dol air ar casan, ag iomairt a bhith aithnichte mar thùsanaich, a tha iomagaineach mu dheidhinn ar còirichean, agus airson ‘s gum bi smachd againn air ar amasan a thaobh ar cànain agus ar dualchais fhèin.

 

Tha an cead sin againn gu deamocratach, gun smachd no arrasbacan bhon taobh a muigh.

Ri linn sin, tha sinn a’ stèidheachadh Comainn leis a’ phrìomh adhbhar gum bi planaichean oifigeil na Gàidhlig, a bheir buaidh sam bith air ar sgìre agus ar dòigh beatha san àm ri teachd, freagarrach air na feumalachdan againne agus nach e, rud a th’ann a thèid a’ sparradh oirnn bhon taobh a muigh. 

Tha sinn den bheachd gu bheil buidhnean gu leòr eile ann, a tha a’ riochdachadh beachdan chàich. Mar eisimpleir tha Comunn aig Pàrantan aig a bheil clann anns na h-ionadan Gàidhlig  Comunn nam Pàrant, Tha fòram aig luchd ionnsachaidh   New Speakers Forum.  ‘S e tha nar run, gum bi cead labhairt agus cumhachd aig tùsanaich nan Eileanan an Iar, an lùib conaltraidh, dealbhadh  planaichean cànain agus rannsachadh acadaimigeach, a thaobh ar cànan màtharail an Alba, agus air feadh an t-saoghail.    

      

Tha ballrachd den bhuidheann seo fosgailte dha tùsanaich na Gàidhlig a tha a’ fuireach anns na h-Eileanan, chan ann a mhàin air Taobh Siar Leòdhais, agus dha tùsanaich na Gàidhlig a b’ fheudar na h-Eileanan fhàgail, a dh’aindeoin càite a bheil iad a’ còmhnaidh. Tha ballrachd againn cuideachd airson daoine nach d’ fhuair an togail sin, ach a tha taiceil dha amasan na buidhne againn.      

Gheibh sibh fiosrachadh mionaideach le bhith a lìonadh am foirm gu h-ìosal. Mur e ur toil ballrachd a chlàradh aig an àm seo, lorgaidh sibh fiosrachaidh air an làrach-lìn bho àm gu àm.

3.JPG
venacular.JPG

Sign Guth nan Siarach's

to Cabinet Secretary for Education & Skills, Shirley-Anne Somerville, MSP
conchur.PNG

Presentation by Academic Director, Professor Conchúr Ó Giollagáin, for the Soillse workshop on the findings of the 2020 "Gaelic Crisis in the Vernacular Community" study, held on 04/03/2021.

Capture.PNG

Jane, Catriona, Christine, Maggie, and Calum, founding members of new community group Guth nan Siarach on the west side of Lewis, discuss thoughts and exchange views after attending the Soillse workshop of 04/03/21, led by Professor Conchúr Ó Giollagáin on "New Insights on the Vernacular Gaelic Communities in the Islands".

guthan nan Eilean.JPG

Le taing do Ghordàn Wells aig 'Guthan nan IEilean' airson na clàraidhean agus an gearradh.