Ballrachd

Tha Ballrachd an asgaidh agus fosgailte do Ghàidheil bho Thùs a bhuineas dha na h-Eileanan an Iar, as bith càite a bheil sibh san t-saoghail an-diugh.

Cha leig sibh a leas a bhith foghlamaichte tron Ghàidhlig no cinnteach anns na sgilean agaibh airson a thighinn nar comainn. 

'S ann a tha am buidheann seo stèidhte gus frèam-obrach adhartach ullachadh a ghleidheas coirichean agus cothroman dhuinne nar shluaigh, as aonais ceannas bho taobh a-muigh ar coimhearsnachdan freumhaichte. 
 

Càirdeas agus Taic

Tha sinn a' cur fàilte air càirdeas agus taic bho luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, Luchd-labhairt Ùra, agus neach sam bith eile bho air feadh an t-Saoghail a tha gabhail ris na h-amasan againn gus ar cainnt mhàtharieil a gleidheadh beò agus slàn anns na h-Eileanan an Iar. 

Càirdeas agus Taic
misneachd.JPG
          " Tha sinn a' cumail làn taice ribh."
 
           ~ Màrtainn Mac a' Bhàillie, Misneachd Alba
ceiltich.jpg

"Tha ACSIB a' guidhe gach soirbheachas don bhuidheann ionadail seo.  Bidh sinn a' seasamh ri ur taobh, deiseal is deònach son taic a chur ris an iomairt!

 

"ACSIB wishes every success to this grassroots endeavour. We stand beside you, ready and willing to support your work!"

~ Dèirdre Nì Mhathùna, ACSIB

(Association of Celtic Students of Ireland and Britain)