Press Release: 31.05.21 
Update on Success of Open Letter to Cabinet Secretary
on the  'Organise' Platform 
Agallamh le Calum Friseal à Leòdhas.
Taing do Guthan nan Eilean airson an clàradh
calum.JPG

Magaidh: "A bheil thu a’ faireachdainn gu bheil cùisean rudeigin nas dòchasaich’ a-nise seach gu bheileas a’ bruidhinn air leasachadh agus gun deach fios a thoirt do dhaoine gu bheil an cànan gu dearbh ann an cunnart?"

Calum: "Cha chan mi fhathast gu bheil sinn ann an suidheachadh nas fhèarr. ’S e rud math a th’ ann gu bheil sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn ach cha dèan bruidhinn mu dheidhinn piseach air a’ chùis idir. Agus feumaidh sinn taic airson sin. Feumaidh sinn an riaghaltas a ghluasad gu gnìomh air choreigin agus saoilidh mi gu bheil sinn feumach air tòrr a bharrachd smachd thairis air a’ chànan agus a’ chultar againn fhìn.

" 'Eil fhios agad, tha do chànan, agus do chultar agus do fèin-aithne, tha na rudan a tha sin, tha iad uile co-cheangailt’ …Bha mi a’ smaoineachadh an latha eile, nuair a bha mi air a’ mhòintich, mura an robh mi eòlach air a’ bhriathrachas, chanadh tu gur e dìreach gur e fàsach a th’ ann. Ach nuair a tha thu eòlach, tha thu a’ faicinn feartan agus rudan air a bheil ainmean as a’ Ghàidhlig nach eil as a’ Bheurla. Agus le sin, tha an saoghal mu thimcheall ort a’ tighinn beò cha mhòr agus chan e fàsach a th’ ann. Agus dhomh-sa dheth co-dhiù, ’s e sin as coireach gu bheil mise a’ faireachdainn gu bheil e cho cudromach."

Airson na h-agallamh air fad a chluinntinn agus a leughadh brùth gu h-ìosal:

BBC Alba An Là - Agallamh
 
Bhruidhinn Christine Rob bho Guth nan Siarach le neach-aithris Alasdair MacLeòid
Brath Naidheachd 2 -  21mh den Mhàirt 2021
 
Freagairt bho Guth nan Siarach ri brath naidheachd Bòrd na Gàidhlig a thaobh taic do choimhearsnachdan thùsail air an 18mh den Mhàirt 2021.
Press Conference Microphones
 Brath Naidheachd 1 - 21mh den Mhàirt 2021
 
Guth nan Siarach air a stèidheachadh.
Press Conference Microphones
An 11mh den Lunasdal 2020 - Blog
 
Blog bho Magaidh Nic a' Ghobainn air 'Staing na Gàidhlig.
Magaidh 2.JPG
An 14mh den t-Iuchar 2020 - Blog
 
Blog bho Magaidh Nic a' Ghobainn air 'Staing na Gàidhlig.
Magaidh 1.JPG
9th July 2020 - Bellacaledonia Article
 
Jane NicLeoid writing on 'The Gaelic Crisis in the Vernacular Community' in Bellacaledonia.
Bella Caledonia.JPG