Guth nan Siarach

Brath-Naidheachd 2

23.03.21

Freagairt gu Brath Naidheachd Bhòrd na Gàidhlig an dèidh Coinneamh a’ Bhuird air Diardaoin 18  Màrt 2021

Tha sinne, nar  luchd-labhairt dùthchasach a tha a’ fuireach anns na h-Eileanan an Iar, airson ar guth a thogail  mu dheidhinn  nam proiseactan agus am maoineachadh a chaidh ainmeachadh anns a’ Bhrath Naidheachd. Chan eil seo  idir a’ freagairt an staing anns a bheil an cànan anns na coimhearsnachdan anns na h-Eileanan an Iar far am bheil luchd-labhairt dùthchasach a’ fuireach.

Tha maoineachadh Ath-bheòthachaidh Covid airson buidheannan a tha stèidhte mar tha agus airson taic airson FMG, chan ann airson na coimhearsnachdan.  Tha Oilthigh Obar Dheathain, air taobh eile na h-Alba, agus buidheannan stèidhte na Gàidhlig, os cionn stiùireadh nan Oifigearan Leasachaidh.  Chan eil  na coimhearsnachdan a’ stiùireadh no a’ riaghladh nan suidheachaidhean seo idir. 

Uair agus uair tha sinn air freagairt iarraidh bho Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean mu na molaidhean airson ar coimhearsnachdan a chaidh ainmeachadh anns an rannsachadh “The Gaelic Crisis in the Vernacular Communities (2020)”. Tha na  freagairtan as fheàrr a fhuair sinn bho na seirbheisich catharra gun bhrìgh.  Nuair a dh’fhaighnich sinn mu ìre nan ceumannan airson Urras a’ stèidheachadh airson luchd-labhairt dùthchasach chaidh innse dhuinn:

“Chan eil e soilleir dè a bhuannachd a bhiodh

ann buidheann eile  a’ stèidheachadh.  Tha

beachdan aig feadhainn gum biodh nas l

ugha de chumhachd aig na molaidhean

aig rannsachadh UHI na th’ aig Bòrd na

Gàidhlig an-drasta, airson taic a chumail ri

coimhearsnachdan luchd-labhairt

dùthchasach...”

Chan e a-mhàin gu bheil na beachdan seo an aghaidh nam prìomh  thoraidhean anns an aithisg a rinn  Alasdair Allan and Liam Alasdair Crouse airson coinneamh Ministeir  air 17 Dùbhlachd an dèidh a’ phròiseas co-chomhairleachaidh coimhearsnachd, ach tha e cuideachd a’ caitheamh a-mach beachd an t-sluaigh. Tha beachdan gu math laidir anns a’ choimhearsnachd againn nach eil na poileasaidhean Gàidhlig, mar a tha iad, ag obrachadh agus gum bu chòir dhan Riaghaltas agus na buidheannan oifigeal coimhead ris a’ bheachd mu Urras Coimhearsnachd còmhla ri  luchd-labhairt dùthchasach agus an Diaspora.  Chan eil e idir feumail cùl a chur ri molaidhean  a dh’fhaodadh a bhith cuideachail.  Chan eil sinne a gabhail ris na dòighean obrach seo a tha a’ cumail a’ dol le  na seann mhodhan agus ionadan cumhachd nuair a tha staing mhòr ann an coimhearsnachdan  luchd-labhairt dùthchasach.

Tha e air a bhith gu math follaiseach dhuinne airson ùine dè na feumalachdan a th’ againn agus bhiodh  sinne toilichte cothrom fhaighinn airson mìneachadh ar n-amasan, ach cha d’fhuair sinn an cothrom sin fhàthast. Chan eil fios againn cò th’ anns “an fheadhainn eile”.  Tha e  soillear nach eil  cumhachd  sam bith againn a thaobh ar cànan fhèin.

Tha fios againn gun sgrìobh ar ball parlamaid Alasdair Allan litir gu Mgr Swinney a’ faighneachd an deidheadh beachdachadh air Urras na Gàidhlig a a’ stèidheachadh ( coltach ri aonadh le buill agus riochdairean a dheidheadh a bhòtadh a-steach) mar a chaidh a mholadh ann an The Gaelic Crisis in the Vernacular Communities (2020), ach cha chuala sinn dad sam bith bhon Ministear no na h-ofigearan aige.

 

Chan eil cothrom aig  Bòrd na Gàidhlig, a tha ag obair airson an Riaghaltas,  gluasad air falbh bho na planaichean oifigeil. Chan eil sinne, luchd-labhairt dùthchasach, idir air ar riochdachadh gu h-oifigeil agus chan eil cothrom againn buaidh a thoirt  air na planaichean airson coimhearsnachdan Gàidhealach.  Chan eil sinn air ar n-ainmeachadh mar luchd- ùidh bhon nach eil sinn nar buidheann oifigeil aithnichte no a’ faighinn maoineachadh airgead na Gàidhlig.

Tha sinne airson gnothaichean atharrachadh le bhith a’ stèidheachadh Urras na Gàidhlig le buill a tha air am  bhòtadh a-steach.  Chan ann airson farpais le buidhnean eile  a tha  stèidhte a tha seo, a dh’fhaicinn cò gheibh nas motha de dh’airgead.  Tha seo airson ar cànan  a shàbhaladh agus stad a chur air a chrìonadh an dèidh bliadhnaichean de phlanaichean aig ìre nàiseanta nach robh freagarrach.         

 

Tha sinn air feitheamh cha mhòr bliadhna airson Riaghaltas na h-Alba sealltainn gu bheil iad a’ tuigse rabhaidhean agus molaidhean an  Gaelic Crisis in the Vernacular Community (2020) agus a’ chiad cheum  a ghabhail ann an stèidheachadh Urras na Gàidhlig.  Tha sinn a’ faighneachd, a-rithist, airson freagairt fhoirmail bhon Mhinistear a bheil dùil aca Urras a’ stèidheachadh.

[deireadh]